Blog eile
Thòisich mi blog eile an-dè – blog ‘sa Chuimris. Thòisich mi air Cuimris ionnsachadh mu mhìos air ais agus tha i a’ còrdadh rium glan. Tha mi ag ionnsachadh leam fhìn – leis an leabhar agus na CDean “Teach Yourself”. Ach feumaidh mi àite airson a' chànan a chleachdadh...
Dh’fheuch mi ri rudan atharrachadh anns a’ bhlog seo an-diugh. Bha mi airson tuilleadh Gàidhlig a chur ann. Leugh mi teachdaireachd mu dheidhinn a’ chuspair sin anns a’ bhlog aig Cadalach. Chan eil mi deiseil fhathast... ach chan eil e cho doirbh na bha mi a’ smaoineachadh.
Beachdan: 4
Madainn mhath!
Fàilte chun na "cruinne-bhlogaichean" Gàidhlig -- tha e a' fàs gach latha! :-)
Tapadh leibh airson ur facail air a' bhlog agam. Tha mi'n dòchas gun urrainn dhuibh na h-atharrachaidhean a tha sibh ag iarraidh a dhèanamh.
hallo a sheasaidh! 's math d' fhaicinn an-seo cuideachd... :)
tha mise ag ionnsachadh seann chuimris aig an oilthigh, 's urrainn dhomh teacsan eadar-theangachadh, ach chan urrainn dhomh bruidhinn :)
A Chadalach!
Rinn mi na h-atharraichean a-nis. Tha mi gu math toilichte, ach 's dòcha gum bi mi ag atharrachadh rud no dhà a-rithist - ma lorgas mi faclan nas freagarraiche...
'S math sin. Am faca tu seo? Chan eil e sa' Ghàidhlig, ach tha e feumail. (Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil.)
FÃ g Sgriobag
<< Dhachaigh