2005/07/05

Cuirm-Chiùil...

Bha latha gu math trang, ach spòrsail agam Disathairne: Tha mi a' seinn le còisir-chiùil agus bha cuirm-chiùil againn ann Oidhche Shathairne. Mar sin choinnich sinn uile aig trì uairean feasgar airson sùil a thoirt a-rithist air a h-uile òrain.
Tha sinn a' seinn òrain le Johannes Brahms agus òrain Fhrangais an semester seo. Cha robh e furasta na h-òrain Fhrangais ionnsachadh a chionns nach eil Frangais aig a' mhòr-chuid againn...
Thòisich a' chuirm-chiùil aig ochd uairean, agus mar sin choinnich sinn a-rithist mu leth-uair an dèidh seachd. Chluich an orcastra an toiseach, agus sheinn duine aon-neach an dèidh sin ('s e teanar a bh' ann agus bha guth fìor àlainn aige). Nuair a thòisich sinn a' seinn mu dheireadh thall bha e uabhasach blàth anns an talla (uill, talla glè bheag, ach làn dhaoine...). Ach tha mi a' smaoineachadh nach robh sinn cho dona an dèidh a h-uile rud. Cha robh a h-uile rud coileanta, ach bha na luchd-èisteachd toilichte co-dhiu. Bidh cuirm-chiùil eile ann Oidhche Haoine...

Beachdan: 1

Sgrìobh Blogger Johan Sandberg

Latha math an-diugh Jessica! 'S mise Johan agus tha às an t-Suain a tha mi! 'S toil leam Gàidhlig is na cultar Ceilteach, agus tha mi a' bruidhinn Gàidhlig beagan. 'S toil leam cànanan, Tha gearmaltais(?) sassanach, suainis, frangais(???) is cuid cànanan eile agam. Ich finde, dass Gaelisch ist 'ne schöne Sprache und ich finde auch, dass dein blog super ist!

13/7/05 12:50 pm  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh