Càit A Bheil An Samhradh?
Tha am mìosachan agam ag ràdh gur e meadhan an Lunasdal a th' ann. Ach chan eil mi ga chreidsinn. Carson a tha i cho fuar agus fliuch? Nach bu chòir dhi a bhith grianach agus blàth? A bheil am foghar air tighinn mar-thà?
Beachdan: 4
Tha an aimsir dìreach bun os cionn nach eil?
Chan eil e gu diofar dhomh -- cha toigh leam an t-Samhradh nuair a tha i ro theth. Abair aimsir ann an Helsinki an dràsda! Fliuch fliuch fliuch... :-)
Uill, tha e coltach nach bi an t-sìde ag atharrachadh an deireadh seachdain seo. 'S dòcha gum bi i beagan nas fheàrr an ath sheachdain... Cha toil leamsa an teas nas motha, ach bu chòir don Lunasdal a bhith beagan nas blàithe co-dhiù...
bah! tha mi a'fuirich sna Carolina a Tuath agus tha i teth!
bha an t’seachdain a chaidh 95 agus 100 F! Tha sin teth.
FÃ g Sgriobag
<< Dhachaigh