2005/08/17

A' Chiad Dhealbh!

Tha mi airson dealbhan a chur ann an seo. Seo a' chiad dheuchainn...

Mar a sgrìobh mi roimhe dh'fhuirich mi aig taigh mo phàrantan airson cuid làithean o chionn goirid. 'S toil leam cèilidh air mo phàrantan gu mòr bho àm gu àm. Tha Gifhorn fada nas lugha na Berlin - agus chan eil e cho fuaimneach. Tha mo phàrantan a' fuireach aig iomall a' bhaile, agus tha coille agus blàr-fraoich faisg air an taigh aca. 'S toil leam a bhith a' coiseachadh an-sin. Tha craobhan inntinneach a' fàs air iomall an fhraoich. Sin giuthas gu math neònach...

Beachdan: 2

Sgrìobh Blogger mona

wow, dealbh sgoinneil! :D feumaidh gur e àite àlainn a th' ann sin.
agus tha thu a' coimhead snog air an dealbh sin cuideachd :)
mona

22/8/05 6:42 pm  
Sgrìobh Blogger Jessica

Àite àlainn gu dearbh. Bhiodh mi a' coiseachd ann gu tric nuair a bha mi a' fuireach ann an Gifhorn. Agus tha cuimhne agam gun robh mi a' cluich air cnoc làn giuthais ann am meadhan an fhraoich nuair a bha mi nam nighean bheag. Bha mi a' smaoineachadh gun robh an àite choooo mòr ;-). Gu mi-fhortanach cha b' urrainn dhomh a bhith ann gu tric aig an àm sin oir bha sinn a' fuireach ann an àite eile, fada bho Ghifhorn. Ach bha ar càirdean a' fuireach ann an Gifhorn, agus bhiodh sinn a' cèilidh orra gach bliadhna.

25/8/05 10:23 am  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh