2005/10/14

Dimàirt, 27 Sultain: Glaschu – Hexham

An latha mu dheireadh agam ann am Breatann... Dh’fhàg sinn Alba agus chaidh sinn a Wall – baile beag faisg air Hexham – o chionns gun robh agam ri dol dhan phort-adhair sa mhadainn an ath latha. Ach mu do dh’fhàg sinn Glaschu chaidh sinn dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean a-rithist. Bha e fosgailte an latha sin, agus cheannaich mi ceithir leabhraichen. Fiù’s lorg mi leabhar mu dheidhinn Reul-Eòlais sa Ghàidhlig agus cha b’ urrainn dhomh ach an leabhar sin a cheannach...
Uill, chaidh sinn a Wall an dèidh sin, ach nuair a ràinig sinn bha duilgheadas againn an taigh ceart fhaighinn. Bha seòladh na croite againn – ach cha robh sin ro chuideachail: St Oswalds Farm, Wall, Hexham, UK – hmmm... Chunnaic sin duine a bha ag obair ann an garaids agus dh’ fhaighnich Martainn dheth càit a bheil an croit. Ach cha robh fios aige – thuirt e nach robh e às an sgìre sin... Ach ‘s dòcha gum biodh fios aig na daoine anns an taigh-seinnse... Chaidh sinn ann – agus bha fios aca gu dearbh! Bha sinn uabhasach toilichte nuair a ràinig sinn an taigh mu dheireadh thall. Chan eil e suidhichte ann an Wall, ach air cnoc faisg air a’ bhaile.
Chaidh sinn mun cuairt anns a’ chàr as dèidh dhuinn na rudan againn a chur anns an taigh. Bha sinn airson coiseachd ri taobh Hadrian’s Wall – ach cha do lorg sinn àite-pharcaidh saor ‘s an asgaidh. Bha a’ ghrian a’ dol fodha co-dhiù...
Mar sin chaidh sinn a Hexham airson diathad a ghabhail. Chaidh sinn seachad air àiteachan air an robh ainmean gu math èibhinn - ainmean mar “Once Brewed”... Carson “Once Brewed”??? Hmmm, chunnaic sinn taigh-seinnse ri taobh a’ bhaile agus ‘s e “The Twice Brewed Inn” an t-ainm a th’air co-dhiù...

Chaidh sinn dhan phort-adhair as dèidh a’ bhracaiste an ath mhadainn. Bha sinn ann gu math trath – ach bha agam ris an càr a thoirt air ais. Dh’fhalbh am plèana aig coig mionaidean as dèidh uair, agus ràinig sinn Berlin mu còig uairean feasgar.

Beachdan: 2

Sgrìobh Blogger Graisg

Obh ‘s e sgìre àlainn a th’ann. Rinn mi sgrìob air a’ bhalla Ròmanach mi fhèin am bliadhna.

15/10/05 12:19 am  
Sgrìobh Blogger Johan

Och ma tha, tha samhradh glè math agaibh! 'S thusa? A bheil samhradh math agaibh? Bha mi a' dòl do'n mo shean-mathair agus mo shean-athair - 'S toil leam iadsan. Och ma tha, tha daoine air moran spam a chur ann mo bhlòg - Cha toil leam e... Tha mi a' dòl do an Gearmailt air Diciadain!!!!! Slàn!

Gabh mo leisgeul air mo Ghàidlig dòna...

17/10/05 1:05 pm  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh