2005/10/08

Diciadain, 21 Sultain: Eàrlais – Bail’ a’ Chaolais a Tuath

Dh’fhàg sinn an t-Eilean airson dol a Bhail’ a’ Chaolais a Tuath. Rinn sinn stad faisg air Caisteal Eilean Donnan an toiseach airson dealbhan a thogail, agus cha do ghabh sinn an t-slighe as giorra an dèidh sinn. Bha Martainn airson Loch Nis fhaicinn. Bha e dhen bheachd nach urrain dha dol air ais dhan Ghearmailt agus innse nach do lorg e an uilebheist.Uill, dh’fheuch e ri dealbh a thogail dhith, ach bha e dìreach ro shlaodach... Chaidh sinn seachad air Cille Chumhein an uair sin – ghabh sinn fois an sin. Cha do chòrd e rinn idir – cus luchd-turais. Ach choisich sinn mun cuairt airson greis co-dhiù. Mus do dh’fhàg sinn Cille Chumhein dh’fheuch mi ri fònadh a chur gu bean an taighe ann an Bail’ a’ Chaolais a Tuath. Bha mi airson innse dhi cuin a bha dùil againn ruigsinn. Ach cha do fhreagair i am fòn, agus mar sin chaidh sinn dhan Ghearasdan an toiseach, agus a Ghleann Fhionnainn as dèidh sin airson beagan coiseachd. Pharc sinn an càr air beulaibh eaglais faisg air a’ charragh-chuimhe (bha an t-àite-parcaidh sin saor ‘s an asgaidh co-dhiù...) agus choisich sinn sìos chun a’ charraigh. Thog sinn dealbhan de Loch Seile, agus an uair sinn shreap sinn cnoc airson dealbhan a thogail dhen viaduct. Bha cabhag orm tilleadh dhan chàr an uair sin air sgàth ‘s gun tòisich an t-uisge a-rithist... Fònadh mi gun taigh leabaidh is bracaist a-rithist, agus fhreagair i am fòn a-nis. Ràinig sinn Bail’ a’ Chaolais a Tuath mu shia uairean feasgar...

Beachdan: 1

Sgrìobh Blogger Graisg

Tha fhathast beagan uisge ann an Alba Sheasaidh. Tha mi air a bhith leantainn do naidheachdan ‘s ged’ s a bha e a’ dòrtadh siud ‘s an seo gun teagamh tha thusa a sealltainn dhuinn ciamar a chòrd a h-uile càil ribh. Tha mi an dòchas nach bi e fada gus an till sibh gu h-Alba.
Cheers an-dràsta :-)

9/10/05 11:47 am  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh