2005/10/10

Disathairne, 24 Sultain: Glaschu

Bha sinn airson choisich anns a’ Phollok Country Park, agus dh’fheuch sinn ri dol ann air a’ bhus. Ach cha robh sinn cho furasta. Cha robh fhios againn dè am bus am biodh a’ dol ann an sin, neo càit am biodh e a’ falbh. Mar sin chaidh sin do stèisean nam busaichean an toiseach. Bha sinn airson clàr nam busaichean (“MapMate” mar a chana iad) a cheannach – ach cha robh aca. Thuirt iad gum biodh dreach ùr air a fhoillseachadh an ath sheachdain... Sgoinneil! Uill, choisich sinn mun cuairt airson greis agus faigh sinn am bus ceart mu dheireadh thall. Bha seòrsa feis ann anns a’ phàirce – le taisbeanadh nam bò. Bha sinn gu math èibhinn.
Chaidh sinn do Chaisteal Crookston as dèidh sin. Chan eil e fada bhon phàirce, agus b’ urrainn dhuinn coiseachd ann. Bha spòrs mòr againn an tùr a shreap. Bha mi ann roimhe nuair a bha mi a’ fuireach ann an Glaschu, ach cha robh cuimhe agam gun robh na staidhrichean cho dorcha...
An uair sin bha dùil againn Pàirc Kelvingrove agus an Lios Luibheach a thadhail, ach bha duilgheadas againn busaichean a lorg a-rithist. Ràinig sinn mu dheireadh thall agus choisich sinn anns a’ phàirce airson greis. Choimhead sinn air feòragan a bha a’ cluich air an fheur. Bha iad cho èibhinn!
Nuair a ràinig sinn an Lios Luibheach bha an taigh-glainne dùinte (thèid am fear eile ùrachadh agus bha e dùinte co-dhiù), ach bha an lios inntinneach co-dhiù...