2005/10/08

Dimàirt, 20 Sultain: Cuithe-Fhraing

B’ e latha breagha, grianach a bh’ ann an-diugh. Chaidh sinn a Fhlodaidh-Gearraidh an dèidh a’ bhracaiste airson an Cuithe-Fhraing a shreap. Bha na ceuman fiuch agus eabarrach bho uisge nan làithean roimhe, ach bha e furasda gu leòr coiseachd ann co-dhiù. Choisich sinn suas ri taobh Loch Langaig an toiseach agus ghabh sinn fois goirid faisg air Loch Hasco. Shuidh sinn sìos air creag agus ghabh sinn briosgaidean agus uisge. Bha e grianach agus blàth, agus bha an sealladh dìreach mìorbhaileach.Ràinig sinn An t-Snàthad mu uair feasgar. Bha dùil againn dol sìos chun A’ Bhùird, ach bha am bruthach ro shleamhainn. Cho-dhùin sinn air tilleadh chun a’ chàir, ach choisich sinn mu chuairt a’ Phrìosan an toiseach. Bha againn ri bruthach gu math cas a shreap airson tilleadh dhan shlighe. Cha robh e glè shleamhainn gu fortanach, agus bha feansa ann cuideachd...
As dèidh dhuinn ràinig an càr chaidh sinn do Shlèite. Bha sinn airson sùil a thoirt air Lios an Eilein Sgitheanaich mus an robh againn ris an eilean fhagail an ath mhadainn. Rinn sinn stad ann an Eilean Iarmain agus aig Sabhal Mòr Ostaig airson beagan coiseachd mus deach sinn a dh’Armadal. Choisich sinn mun cuairt Armadal airson uair. An uair sinn chaidh sinn air ais a Phort Rìgh airson biadh a ghabhail.