2005/12/22

Àm nam Briosgaidean

Tha àm na Nollaige air tighinn, agus dhomhsa, 's e àm nam briosgaidean a th' ann. 'S toil leam bèicearachd, agus chan eil e gu math furasta briosgaidean sìmplidh, ach uabhasach blasta a dhèanamh. Dìreach feumaidh sibh:

300 g flùr
100 g siùcar
200 g ìm
ugh
bìdeag sallain

Cuiribh a h-uile rud ann am bobhla agus fuin gu mionaideach gus a bheil taois theann agaibh. Feumaidh sibh an taois a chur anns an fhrids airson uair (neo airson oidhche).
Deanaibh còmhnard i gu tiughad mu 3mm air bòrd le còta flùr air. An uair sin 's urrainn dhuibh cruthan a ghearradh às an taois (Tha gearradairean ann anns gach cruth - rionnagan neo cridhean neo craobhan na Nollaige neo... ).
Feumaibh sibh na briosgaidean a bhruich anns an àmhainn (mu 200°C / 390°F) airson 10-12 mionaidean. Sin e.
Ma tha sibh ag iarraidh, 's urrainn dhuibh seoclaid air na briosgaidean (nuair a tha iad fuar).

'S urrainn dhuibh an dòigh-bruich seo atharrachadh gu furasta: Dìreach cuiribh cnothan bleithte, bleideagan seoclaid, faoineag, neo rudan blasta eile anns an taois.

Nollaig chridheil dhuibh uile!

Beachdan: 4

Sgrìobh Blogger mona

beachd math! :D rinn mise briosgaidean o chionn goirid cuideachd, airson co-latha-breith aig mo chèile. bha dùil agam tuilleadh a dhèanamh mus nollaig, ach bha mi ro leisg an seachdain seo... chì mi, is dòcha gun dèan mi feadhainn a-màireach 'sa mhadainn.
anns a' chùrsa deireadh-seachdaine aig mìcheal bha sinn a' bruidhinn mu dòighean còicearachd cuideachd, agus tha feadhainn anns a' bhòrd-bràth, tha mi a' smaoineachadh...
mona

23/12/05 12:16 pm  
Sgrìobh Blogger mona

"ro nollaig", bhitheadh sin nas fheàrr...

23/12/05 12:17 pm  
Sgrìobh Blogger Steaphan MacRisnidh

Halo, Jessica. `s e "craiteachan salainn" a chanas sinn airson “pinch of salt”, mas e sin a bha thu ag iarraidh a ràdh. Tha iad a` coimhead blasta!

30/12/05 8:15 am  
Sgrìobh Blogger Jessica

Aaargh. Dè thachair? Sgrìobh mi freagairt an-dè, ach chan eil i ann an-dràsta... Uill, sgrìobhaidh mi a-rithist i.

A Steafain:
“pinch of salt” / "craiteachan salainn" - sin a bha mi ag iarraidh a ràdh gu dearbh. Mòran taing.

A Mhona:
Leugh mi mu dheidhinn nan dòighean còcaireachd anns a' bhòrd-bràth, agus bha mi airson teacsa a sgrìobhadh an sin cuideachd. Dh'ith mi cearc le sabhs sònraichte agus air leth blasta ann an taigh-bìdh meacsacanach o chionn greis, agus tha mi a' smaoineachadh gun d' fhuair mi an dòigh chòcaireachd mu dheireadh thall. Ach cha d'fheuch mi i fhathast, agus feumaidh mi a bhith cinnteach gu bheil an dòigh chòcaireachd seo ag obair mus cuir mi anns a' bhòrd-bràth i.

Bliadhna mhath ùr dhuibh!

1/1/06 3:02 pm  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh