2005/08/25

Leisg...


Posted by Picasa
Cò an cat as leisge anns an t-saoghal? Garfield? Chan e! 'S e Odin an t-ainm a th' air agus tha e a' fuireach aig taigh mo phàrantan. Bidh e na chadal gu bhith fad an latha, agus nuair a tha e na dhùisg, bidh e ag ithe. Uill, bidh e a' cluich còmhla ri Simba (an cat as òige aig mo phàrantan) uaireannan. Ach 's àbhaist dha a bhith dìreach ro leisg - 's fhearr leis lorg duine a bhios ga shlìobadh. Abair beatha!
Tha mi dìreach farmadach bho àm gu àm. Tha mi glè thrang aig an oilthigh a-nis oir tha mi airson a bhith deiseil an ath bhliadhna san Ogmhìos...

Beachdan: 2

Sgrìobh Blogger mona

oh, 's e cat milis a th' ann! bu toigh leam-sa cat cuideachd :)

1/9/05 1:11 pm  
Sgrìobh Blogger Helena Gowan

'S e cat snog a th'ann. tha dithis cait agam :) feumaidh mi dealbh a phostadh...

11/9/05 12:31 am  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh