2005/10/05

Didòmhnaich, 18 Sultain: Tunga – Eàrlais

Choisich sinn mun cuairt Dail Chairn airson greis mus do dh’fhàg sinn airson dol dhan Eilean Sgiathanach an-diugh. Lorg sinn lochannan eadar na cnuic faisg air an taigh. ‘S e àite fìor chiùin agus àlainn a th’ ann an gleann beag sin. ‘S bochd nach robh sinn ann ach airson latha, agus bu bha leinn dol ann a-rithist...
Dh’fhàg sinn Tunga mu mheadhan latha agus ràinig sinn Eàrlais, baile glè bheag faisg air Uig, mu shia uairean feasgar. Chuir sinn na rudan againn anns an taigh, ach cha robh e cho anmoch fhathast. Cha robh sinn airson a bhith nar suidhe taobh a-staigh fad an fheasgar as dèidh sia uairean anns a’ chàr... Mar sin chaidh sinn sìos chun na mara. Tha bàgh beag (Camas Beag mar a chanas iad) faisg air an taigh far an robh sinn a’ fuireach. B’ fhiach an turas beag sin! Bha sinn a’ coiseachd ri taobh a’ chladaich nuair a mhothaich sinn gun robh rudeigin a’ gluasad anns an uisge. Choimhead sinn air a’ mhuir agus chunnaic sinn ceann dubh a’ coimhead oirnn a-mach às an uisge – ceann ròin! Bhiodh e a’ dol a-mach as ar sealladh agus a’ nochdadh ann an àite eile airson greis. Thàinig e nas fhaisge gach turas. Bha e coltach gum biodh e ceasnachail mu ar deidhinn... Chuir e iongnadh oirnn co-dhiù nuair nach nochd an ròn ach còig meatairean bhon àite far an robh sinn nar seasamh. Choimhead e oirnn – agus chaidh e fon uisge. Nuair a nochd e a-rithist, bha e mu leth-cheud meatair air falbh – ach cha robh e na aonar: bha dà ròn a’ coimhead oirrn às an uisge a-nis!
Gu mi-fhortanach bha a’ ghrian air dol fodha mar-thà, agus thòisich i air fàs dorcha. Mar sin bha againn ri tilleadh dhan taigh – bha an t-slighe ro shleamhainn airson dol ann san dorchadas...