2005/10/03

Diardaoin, 15 Sultain: Dùn Eideann (Pàirc Holyrood)

Nuair a dhùisg sinn aig cairteal gu h-ochd bha i sgòthach agus bha beagan uisge ann. Bha dùil againn coiseachd mun cuairt Phàirc Holyrood agus Cathair Artair a shreap, ach cha robh sinn cinnteach mu dheireadh thall... Uill, dh’èirich sinn co-dhiù agus ghabh sinn bracaist. Bha uighean, hama, isbeanan, pònairean, tomàtothan agus tost ann, agus dh’òl sinn tì agus sùgh orainds. Bha a h-uile rud blàsda gu dearbh, ach cha robh sinn cleachdte ri bracaist mòr mar sin. Bha againn ri fois a ghabhail mus deach sinn a-mach...
Leth uair an dèidh a’ bhracaist chaidh sinn do mheadhan a’ bhaile air a’ bhus. Bha May air innse dhuinn dè na busaichean a tha a’ dol ann, agus gum biodh an t-sìde na b' fheàrr a dh’aithghearr. Agus bha i ceart. Cha robh an t-uisge ann nuair a ràinig sinn Sràid a’ Phrionnsa, agus bha an t-adhar a’ coimhead na bu shoilleire mar-thà. Chaidh sinn sìos gu Lùchairt Holyrood agus a’ phàirce. Choisich sinn ri taobh nan Creagan Shalasburaidh agus ràinig sinn aig cùl Cathair Artair. Tha e nas fhasa an cnoc a shreap an sin... Thàinig a’ ghrian a-mach às nan sgòthan nuair a bha sinn a’ sreap a’ bholcàno, agus bha na sgòthan air falbh nuair a ràinig sinn am mullach. Abair sealladh! B’ e latha air leth soilleir a bh’ ann – fiù ‘s chunnaic sinn na Cnuic Phentland! Chaidh sinn seachad tobhta Caibeil Naomh Anthony air an slighe air ais chun a’ bhaile... Chòrd an cuairt sin rinn gu mòr. Bha sinn gu math sgìth, ach glè thoilichte nuair a thill sinn dhan taigh.