2005/10/01

Diciadain, 14 Sultain: Berlin - Dùn Èidinn

Chaidh mi fhìn agus Martainn dhan a’ phòrt-adhair mu dhà uair feasgar. Cha do dh’fhalbh am pleana againn ach aig fichead mionaid as dèidh ceithir uairean, ach cha robh sinn airson a bhith fadalach. Uill, bha tìde gu leòr agam agus chan eil am pòrt-adhair ann am Berlin-Schönefeld air leth inntinneach. Mar sin sgrìobh sinn a’ chiad chairt-phuist gu banacharaid againn mus do dh’fhalbh sinn Berlin.
Ràinig sinn Newcastle mu còig uairean. Bha sinn glè thoilichte gun d’ fhuair sinn an dà mhàlaid againn gu luath. Ghabh sinn càr air mhàl aig a’ phòrt-adhair. B’ e càr beag a bh’ ann („Smart for four“) agus bha mòran sgrìoban air, ach bha sinn toilichte gu leòr leis - chan fheumadh e mòran peatrail.
As dèidh dhuinn an càr fhuair, chaidh sinn a Dhùn Èideann. Bha Martainn a’ dràibheadh. Cha robh sin furasda dha an toiseach o chionn ‘s nach robh e a’ dràibheadh ann am Breatainn a-riamh... Ach dh’fhàs e cleachdte ris agus ràinig sinn Dùn Eideann gu sàbhailte mu naoi uairean. Gu fortanach, cha robh e doirbh an taigh leabaidh is bracaist ri lorg. Threòraich May, bean an taighe, sinn dhan t-seòmar againn, agus thuirt i gum biodh bracaist ann aig ochd uairean an ath mhadainn...