2005/10/04

Disathairne, 17 Sultain: Tunga (Beinn Tunga)

Bha i fliuch nuair a dh’èirich sinn mu leth uair as dèidh a h-ochd airson bracaist a ghabhail. Bha sinn airson Cnoc an Fhreiceadain a shreap an latha sin. Chaidh sinn a Thunga as dèidh a bhracaiste. Bha an t-sìde beagan na b’fheàrr aig an àm sin – bha i gaothach agus sgòthach, ach cha robh an t-uisge ann. Cho-dhùin sinn gum feuchadh sinn an cnoc a shreap. Ach uill, cha robh sinn cho fortanach – cha do lorg sinn slighe thar a’ mhonadh. Bha an talamh dìreach ro fhliuch... Mar sin shreap sinn Beinn Tunga an àite Cnoc an Fhreiceadain. Bha e furasda gu leòr coiseachd ann o chionn ‘s gu bheil rathad a dol suas chun a’ mhullach. Ach cha mhòr gum biodh mi nam sheasamh nuair a ràinig sinn – bha i uabhasach stoirmeil. Ach chòrd an sealladh rium glàn co-dhiù...
Rinn sinn stad ann an Coldbackie air an t-slighe air ais a Dhail Chairn agus choisich sinn sìos chun a’ chladaich, ged a bha i rud beag fliuch. Gu mi-fhortanach dh’fhàs an t-uisge gu math trom nuair a bha sinn a’ coiseachd air an tràigh. Chaidh sinn air ais chun a’ chàr cho luath ‘sa gabhas sinn, ach bha sinn bog fliuch co-dhiù nuair a ràinig sinn an càr...
Bha an t-uisge ann fad an fheasgar, agus sgrìobh sinn cairtean-phuist. Cha deach sinn a-mach a-rithist ach airson biadh a ghabhail ann an taigh-òsda ann an Tunga san oidhche...