2005/10/07

Diluain, 19 Sultain: An Stòrr

Bha droch shìde ann nuair a bha sinn am bracaist air chrìochnachadh, agus chaidh sinn a Phort Rìgh. Choisich sinn mun cuairt a’ bhaile gus an do sguir an t-uisge. Dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr gu luath (mar a b’ àbhaist), agus cho-dhùin sinn air dol mu chuairt Trondairnis. Rinn sinn stad aig an Stòrr agus choisich sinn suas gu Bod an Stòrr. Bha an oidhche mu dheireadh de tachartas mòr (The Storr) dìreach an latha roimhe, agus bha mòran rudan teicnigeach ann fhathast – chunnaic sinn iad sa choille agus air na lèanan. Feumaidh gun robh e a’ faireachdainn glè mhath a bhith a’ sreap an Stòrr san oidhche, le solas agus ceòl sònraichte, agus feumaidh gum robh an Stòrr a’ coimhead air leth àlainn leis an t-solas seo... Ach cha robh na h-acfhainnean a’ coimhead cho àlainn ann an solas an latha... Uill, chòrd an sealladh rinn co-dhiù. Agus bha sinn gum math fortanach leis an t-sìde – bha i tioram gu bhith fad an t-siubhail, agus bha i fiù ‘s grianach bho àm gu àm. Ghabh sinn fois nuair a ràinig sinn am Bod. Thig a’ ghrìan a-mach às na sgòthan a-rithist, agus sinn nar suidhe air creag air cùlaibh a’ Bhuid... Bha sinn toilichte a bhith nar suidhe anns a’ ghrian airson greis. Dh’fhàs i na b’ fhuaire agus gaothach gu h-obann nuair a ghluasad sgòth air beulaibh na grèine a-rithist. Thòisich i a bhith beagan fliuch cuideachd, agus thill sinn dhan chàr.
Thadhail sinn Caisteal Duntuilm an dearbh feasgar. Bha mi fhìn ann mu cheithir bliadhna air ais – agus cha robh mòran air atharrachadh... Uill, chan eil tobhtaichean ag atharrachadh cho luath, a bheil? Bha spòrs mòr agam co-dhiù, agus cha robh Martainn ann a-riamh. Tha mi a’ smaoineachadh gun chòrd e ris glàn. Posted by Picasa

Beachdan: 1

Sgrìobh Anonymous Pressure Washing West Allis

Appreciate you bloggging this

30/11/22 5:25 pm  

FÃ g Sgriobag

<< Dhachaigh