Tha mi air ais!
Thill sinn dhachaigh Diciadain. Bha cola-deug sgoinneil againn ann an Alba. Choisich sinn a h-uile latha, ged a bha an t-uisge ann gu tric. Gu fortanach cheannaich sinn aodach agus brògan uisge-dhìonach mus d' fhalbh sinn...
Beagan staitistearachd:
Beagan staitistearachd:
- Dh'fhuirich sinn ceithir oidhcheannan deug ann an sia taighean eadar-dhealaichte,
- cheannaich sinn dà leabhar sa Bheurla agus còig leabhraichean sa Ghàidhlig,
- lorg sinn seachd ùlaidhean,
- bha sinn bog fliuch dà thuras (nuair a dhìochuimhnich sinn ar briogaisean uisge-dhìonach...),
- chaidh sinn mu 1600 mìle (neo 2600 cilemeatair) anns a' chàr,
- thog sinn mu 550 dealbh,
- tha sin a' ciallachadh gun d' thog sin dealbh gach tri mìltean (neo còig cilemeatairean),
- chaidh sinn seachad mòran shoidhneachan a bha ag ràdh <Caution! Lambs on street> agus dà shoidhne a bha ag ràdh <"Achtung! L"ammer "auf der Str"aße>,
- agus chunnaic sinn caoraich gun àireamh...
Beachdan: 0
FÃ g Sgriobag
<< Dhachaigh