Àitichean inntinneach ann am Berlin: Grunewaldturm
Seo agaibh dealbh dhen Grunewaldturm a thog mi san t-Samhain an-uiridh. Chaidh an tùr a thogail aig deireadh an 19mh linn (1897/98). Tha e 56m a dh'àirde agus tha e suidhichte air mullach an Karlsberg ann an Grunewald - coille gu math mòr ann am Berlin. Bha an tùr coisrigte gu Wilhelm I. .'S e ìmpire Gearmailteach a bh' ann am Wilhelm I. bho 1871 gu 1888. 'S e Kaiser-Wilhelm-Turm an t-ainm a bh' air an tùr gu 1948 nuair a bhathar a' toirt ainm ùr air: Grunewaldturm.

Beachdan: 2
Wow, abair dealbh àlainn!!! :-)
De cho fada 's a tha thu air a bhith ann am Berlin? Bu toil leam fhein a dhol ann uaireigin. Tha e a' coimhead alainn! Ciamar a tha am Phd a' tighinn air adhart? Coinneach.
FÃ g Sgriobag
<< Dhachaigh