2005/10/09

Diardaoin, 22 Sultain: Bail a’ Chaolais a Tuath

Bha an t-uisge ann a-rithist sa mhadainn, agus cha robh sinn ag iarraidh ach ceuman goirid a dhèanamh. Bha sinn air leughadh mu dheidhinn easan san sgìre sin, agus bha sinn a’ smaoineachadh gum b’ e latha sgoinneil a bh’ ann airson coimhead orra. Mar sin chaidh sinn a dh’Omhanaich – tha easan na h-aibhne Rìgh faisg air a’ bhaile – agus choisich sinn ann. B’ fhiach e gu dearbh. Bha an t-uisge ann gu tric na làithean roimhe agus bha an abhainn làn uisge, agus bha na h-easan air leth beothail agus fuaimneach.
Tha eas mòr eile ann ann an Ceann Loch Mòr. Chaidh sinn ann an sin cuideachd. Choimhead an eas air leth àlainn, ach bha an t-adhar uabhasach fliuch faisg air. Bha i gu math blàth cuideachd – agus bha am fallas orm nuair a choisich sinn mun cuairt a’ choille.
Chaidh sinn air ais dhan taigh mu mheadhan-latha airson fois agus tì a ghabhail. Sgrìobh sinn càirtean-phuist cuideachd mus deach sinn a-mach a-rithist. Thadhail sinn an t-seann chuaraidh sglèata ann am Bail’ a’ Chaolais. Chaidh an cuaraidh a dhùnadh o chionn leth-cheud bliadhna, agus tha e inntinneach ri fhaicinn ciamar a tha an nàdar a’ toirt a’ chuaraidh air ais...