
Bha droch shìde ann nuair a bha sinn am bracaist air chrìochnachadh, agus chaidh sinn a Phort Rìgh. Choisich sinn mun cuairt a’ bhaile gus an do sguir an t-uisge. Dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr gu luath (mar a b’ àbhaist), agus cho-dhùin sinn air dol mu chuairt Trondairnis. Rinn sinn stad aig an Stòrr agus choisich sinn suas gu Bod an Stòrr. Bha an oidhche mu dheireadh de tachartas mòr (
The Storr) dìreach an latha roimhe, agus bha mòran rudan teicnigeach ann fhathast – chunnaic sinn iad sa choille agus air na lèanan. Feumaidh gun robh e a’ faireachdainn glè mhath a bhith a’ sreap an Stòrr san oidhche, le solas agus ceòl sònraichte, agus feumaidh gum robh an Stòrr a’ coimhead air leth àlainn leis an t-solas seo... Ach cha robh na h-acfhainnean a’ coimhead cho àlainn ann an solas an latha... Uill, chòrd an sealladh rinn co-dhiù. Agus bha sinn gum math fortanach leis an t-sìde – bha i tioram gu bhith fad an t-siubhail, agus bha i fiù ‘s grianach bho àm gu àm. Ghabh sinn fois nuair a ràinig sinn am Bod. Thig a’ ghrìan a-mach às na sgòthan a-rithist, agus sinn nar suidhe air creag air cùlaibh a’ Bhuid... Bha sinn toilichte a bhith nar suidhe anns a’ ghrian airson greis. Dh’fhàs i na b’ fhuaire agus gaothach gu h-obann nuair a ghluasad sgòth air beulaibh na grèine a-rithist. Thòisich i a bhith beagan fliuch cuideachd, agus thill sinn dhan chàr.
Thadhail sinn Caisteal Duntuilm an dearbh feasgar. Bha mi fhìn ann mu cheithir bliadhna air ais – agus cha robh mòran air atharrachadh... Uill, chan eil tobhtaichean ag atharrachadh cho luath, a bheil? Bha spòrs mòr agam co-dhiù, agus cha robh Martainn ann a-riamh. Tha mi a’ smaoineachadh gun chòrd e ris glàn.
Beachdan: 1
Appreciate you bloggging this
FÃ g Sgriobag
<< Dhachaigh