2005/07/29

Saor-Làithean Goirid

Bidh saor-làithean agam an ath sheachdain agus bidh mi a' dol cuairt do Lower Saxony, taobh tuath na Gearmailt, còmhla ri mo bhràmair. Thèid sinn a Bhaden (baile beag faisg air Bremen) air an trèan a-màireach. Tha càirdean mo bhràmar a' fuireach an sin agus tha sinn airson cèilidh orra. Bidh sinn a' fuireach ann am Baden gu Dimàirt. Gabhaidh sinn trèan a Ghifhorn far a bheil mo phàrantan a' fuireach Oidhche Màirt agus bidh sinn a' fuireach aig an taigh aca gus an till sinn dhachaigh Disathairne. Tha mi an dòchas gum bi i grianach agus tioram a chionn 's gu bheil sinn airson dol air cuairtean air an rothair.
Tha mi a' dèanamh fiughair ri seachdain socair fada bho theas agus fhuaim a' bhaile mhòir.

2005/07/05

Cuirm-Chiùil...

Bha latha gu math trang, ach spòrsail agam Disathairne: Tha mi a' seinn le còisir-chiùil agus bha cuirm-chiùil againn ann Oidhche Shathairne. Mar sin choinnich sinn uile aig trì uairean feasgar airson sùil a thoirt a-rithist air a h-uile òrain.
Tha sinn a' seinn òrain le Johannes Brahms agus òrain Fhrangais an semester seo. Cha robh e furasta na h-òrain Fhrangais ionnsachadh a chionns nach eil Frangais aig a' mhòr-chuid againn...
Thòisich a' chuirm-chiùil aig ochd uairean, agus mar sin choinnich sinn a-rithist mu leth-uair an dèidh seachd. Chluich an orcastra an toiseach, agus sheinn duine aon-neach an dèidh sin ('s e teanar a bh' ann agus bha guth fìor àlainn aige). Nuair a thòisich sinn a' seinn mu dheireadh thall bha e uabhasach blàth anns an talla (uill, talla glè bheag, ach làn dhaoine...). Ach tha mi a' smaoineachadh nach robh sinn cho dona an dèidh a h-uile rud. Cha robh a h-uile rud coileanta, ach bha na luchd-èisteachd toilichte co-dhiu. Bidh cuirm-chiùil eile ann Oidhche Haoine...