2005/09/30

Tha mi air ais!

Thill sinn dhachaigh Diciadain. Bha cola-deug sgoinneil againn ann an Alba. Choisich sinn a h-uile latha, ged a bha an t-uisge ann gu tric. Gu fortanach cheannaich sinn aodach agus brògan uisge-dhìonach mus d' fhalbh sinn...

Beagan staitistearachd:
  • Dh'fhuirich sinn ceithir oidhcheannan deug ann an sia taighean eadar-dhealaichte,
  • cheannaich sinn dà leabhar sa Bheurla agus còig leabhraichean sa Ghàidhlig,
  • lorg sinn seachd ùlaidhean,
  • bha sinn bog fliuch dà thuras (nuair a dhìochuimhnich sinn ar briogaisean uisge-dhìonach...),
  • chaidh sinn mu 1600 mìle (neo 2600 cilemeatair) anns a' chàr,
  • thog sinn mu 550 dealbh,
  • tha sin a' ciallachadh gun d' thog sin dealbh gach tri mìltean (neo còig cilemeatairean),
  • chaidh sinn seachad mòran shoidhneachan a bha ag ràdh <Caution! Lambs on street> agus dà shoidhne a bha ag ràdh <"Achtung! L"ammer "auf der Str"aße>,
  • agus chunnaic sinn caoraich gun àireamh...
'S dòcha gum bi na dealbhan deiseil a-màireach. Sgrìobhaidh mi tuilleadh an uair sin...

2005/09/13

Saor-Làithean!

Tha saor-làithean agam a-nis. Bidh mi a' dol do dh'Alba a-màireach còmhla ri mo bhràmair airson cola-deug. Feumaidh sinn a bhith aig a' phort-adhair mu leth uair as dèidh dhà a chionn 's gum bi am plèan againn a' falbh aig fichead mionaid as dèidh ceithir uairean feasgar. Chan eil plèan a' dol bho Berlin a Ghlaschu no a Dhun Eideann, agus mar sin bidh sinn dol a Newcastle an tòiseach. Ach bidh càr air mhàl againn agus thèid sinn a Dhun Eideann feasgar a-màireach. Bidh sinn a' fuireach ann an Dun Eideann gu Dihaoine. Bidh sinn a' dol mu chuairt Alba anns a' chàr an dèidh sin. Tha mi a' dèanamh fiughar ris gu mòr. Innsidh mi tuilleadh dhuibh nuair a bhios mi air ais...