2005/06/29

Blog eile

Thòisich mi blog eile an-dè – blog ‘sa Chuimris. Thòisich mi air Cuimris ionnsachadh mu mhìos air ais agus tha i a’ còrdadh rium glan. Tha mi ag ionnsachadh leam fhìn – leis an leabhar agus na CDean “Teach Yourself”. Ach feumaidh mi àite airson a' chànan a chleachdadh...

Dh’fheuch mi ri rudan atharrachadh anns a’ bhlog seo an-diugh. Bha mi airson tuilleadh Gàidhlig a chur ann. Leugh mi teachdaireachd mu dheidhinn a’ chuspair sin anns a’ bhlog aig Cadalach. Chan eil mi deiseil fhathast... ach chan eil e cho doirbh na bha mi a’ smaoineachadh.

2005/06/27

Fàilte!

A' chiad teachdaireachd anns a' chiad bhlog agam - agus chan eil mi cinnteach dè bu chòir dhomh sgrìobhadh. 'S e seo saoghal ùr dhomh...

Uill, tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha mi airson a' chànan seo a chleachdadh nas trice. Gu mi-fhortanach chan eil cothrom agam ga bruidhinn gu tric - tha mi a' fuireach ann am Berlin anns a' Ghearmailt. Ach bidh mi a' feuchainn ri rudeigin a sgrìobhadh an-seo bho àm gu àm. Cha bhi a h-uile rud coileanta - bidh mi a' dèanamh mearachdan, ach 's e sin slighe an neach-ionnsachaidh, nach e?