2007/01/01

Bliadhna mhath ùr!


Dealbh a thog mi a-raoir... Posted by Picasa

2006/12/24

Nollaig Chridheil dhuibh uile!


Posted by Picasa

2006/09/12

Trang...

Chan robh mòran a' tachairt ann an seo na seachdainean sa chaidh. Agus cha bhi dad sam bith inntinneach a' tachairt airson cuid seachdainean eile. Tha mi fhathast trang leis an tràchdas agam. Fhuair mi cead a chrìochnachadh ceithir seachdainean fadalach. Bidh mi deiseil aig deireadh an Damhair a-nis seach aig deireadh na Sultain. Mòran obair ri dhèanamh fhathast...

2006/07/27

Aoidh Iongantach


Posted by Picasa
Tha i uabhasach tèth na làithean seo, agus mar sin bidh a h-uile uinneag anns an fhlat againn fosgailte fad na h-oidhche. Tha i ro thèth airson cadail leis na h-uinneagan dùinte, agus bidh mi daonnan an dòchas gum fàs i rud beag nas fhuaire... Agus 's fheàrr leam dùsgadh le uinneag fhosgailte co-dhiù: Tha craobh mhòr ann anns a' ghàrradh, agus tha e coltach gu bheil cuid eòin a' fuireach ann. Bidh mi a' dùsgadh le ceilearadh nan eòin gu tric - agus 's toil leam èisdeachd ris na h-eòin airson greis mus èirich mi. Dh' èisd mi ris na h-òrain aca a-rithist an-diugh - ach bha fuaim ann a chuir iongnadh orm. 'S e fuaim eòin a bh' ann, ach cha robh e coltach ri fuaim nan eòin eile. Thug e mionaid neo dhà mus mhothaich mi dè bha ceàrr leis an fhuaim sin: Bha e na b' àirde! Bha e coltach gun robh an t-eun sin na b' fhaisge orm na càch. Ach dè cho faisg? Dh' èisd mi a-rithist. Cha robh e anns an t-seòmar-cadail fhèin. " Ach feumaidh gu bheil e anns an fhlat", bha mi a' smaoineachadh. Dh'èirich mi agus chaidh mi bho shèomar gu sèomar gu faiceallach. Cha robh mi airson eagal a chuir air an eun... Cha d' fhuair mi e anns an t-seòmar-suidhe, agus cha robh e anns an trannsa na bu mhotha. Ach bha am fuaim fiù 's na b' àirde - na b' fhaisge - a-nis. Ràinig mi an cidsin. Ghluais mi gu math slaodach - bha mi cinnteach gun robh an eun ann an sin. Bha an doras fosgailte - agus dè chunnaic mi ach eun beag na shuidhe air làr a' chidsin, a' ceilearadh. Feumaidh gur e eun òg a bh' ann - choimhead e gu math fluffy fhathast. Ach dè bha e ag iarraidh anns a' chidsin againn? Uill, 's dòcha gun robh e a' gabhail bracaist... Nuair a mhothaich an eun nach robh e na aonar, theich e chun na h-uinneig - agus shuidh e an sin. Choimhead e orm airson tiota, agus b' urrainn dhomh dealbh a thogail dha mus sgiathaich e air falbh...

2006/05/29

Atharrachaidhean

Tha mi a' faireachdainn rud beag neònach am bliadhna. Tha mòran atharrachaidhean a' tachairt anns mo bheatha na mìosan seo.
Tha mi nas trainge aig an oilthigh a-nis na bha mi a-riamh on thòisich mi air nàdar-fheallsanachd ionnsachadh. Feumaidh mi an tràchdas diploma agam a chrìochnachadh gu deireadh na Sultain, agus bidh mi deiseil an dèidh sin. Ach chan eil mi airson an t-oilthigh fhàgail am bliadhna. Tha mi an dòchas gum faigh mi obair an sin neo sgoilearachd sam bith gus tràchdas PhD a sgrìobhadh. Tha mi ag obair aig an oilthigh a-nis mar student assistant – bidh mi a’ teagasg dòighean-obrach bunaiteach reul-eòlais do oileanaich ùra – ach caillidh mi an obair sin nuair a bhios mi deiseil aig deireadh na Sultain. Tha an suidheachadh seo a' cur beagan eagal orm...
Bidh mo dhachaigh ag atharrachadh cuideachd - gluaisidh mi gu flat mo bhràmar san Dàmhair. Cheannaich sinn preasan-aodaich agus sgeilpichean ùra an t-seachdain sa chaidh - agus tha am flat deiseil airson an dithis againn an-dràsda. 'S urrainn dhomh mo leabhraichean agus na rudan eile agam a chur ann anns na mìosan seo tighinn... Bu chòir dhomh a bhith sona gu dearbh.
Ach gu mì-fhortanach bidh mi a' fuireach ann leam fhìn a' mhòr-chuid dhen ùine. Tha Martin dìreach air ceumnachadh - bha an deuchainn PhD aige aig toiseach a' Chèitein - agus tòisichidh e obair ùr Diardaoin. Gheibh e trèanadh airson bliadhna gu leth an toiseach, agus cha bhi e ann am Berlin gu tric. Tha mi glè thoilichte gun d' fhuair e obair ùr cho luath, ach tha mi brònach aig an aon àm nach bi mi ga fhaicinn ach aig na deiridhean-seachdain.
Uill, a dh'innse na fìrinn, tha mi gu math troimh-a-chèile na làithean seo.
Ach dè bhithinn a' dèanamh gun atharrachaidhean? Nach biodh am beatha dìreach ràsanach?

2006/04/17

Flùraichean an Earraich II

Agus seo dealbh eile – chunnaic mi am flùr sin aig deireadh a’ Mhàirt nuair a bha mi ann am Bonn airson cùrsa Gàidhlig. Choisich mi mu chuairt nan Rheinauen tràth sa mhadainn mus do thòisich a’ chùrsa. Bha beagan uisge ann – am faic sibh na boinneagan air na flùr-bhileagan?


Posted by Picasa

Flùraichean an Earraich I

Tha an t-Earrach ann a-nis agus chì mi flùraichean ùra gach deireadh-seachdain nuair a bhios mi a’ coiseachd anns na pàircean. Tha na gealagan-làir air seargadh mu thràth, ach thàinig na lusan a’ chrom-chinn fo bhlàth dìreach an t-seachdain sa chaidh agus thig na tiuilipean fo bhlàth a dh’aithghearr.

Thog mi cuid dhealbhan nuair a bha mi anns an Tiergarten o chionn goirid. Bha talamh a’ choille còmhdaichte le flùraichean beaga, gorma. Chòrd an sealladh gu mòr rium!


Posted by Picasa

2006/03/23

Faothachadh...

Cha do sgrìobh mi dad sam bith an-seo airson ùine fhada oir bha mi uabhasach trang aig an oilthigh.
Ach tha mi glè thoilichte an-diugh: Bha deuchainn agam sa mhadainn an-diugh - agus chaidh a h-uile rud gu math dhomh. Bha mi uabhasach nearbhasach. Bha an t-eagal orm nach do dh'ionnsaich mi gu leòr - neo gun robh mi ag ionnsachadh na rudan ceàrr. Ach bha an t-àrd-ollamh glè laghach agus cha do dh'fhaighnich i dhìom ach ceistean gu math furasta. B' e sin an deuchainn mu dheireadh agam, agus tha mi gu bhith deiseil a-nis. Dìreach feumaidh mi an diploma thesis agam a chrìochnachadh.

Adhbhar eile airson a bhith toilichte: Tha e coltach gu bheil an t-Earrach a' tighinn mu dheireadh thall! Tha i grianach agus blàth an-diugh agus nuair a choisich mi dhan oilthigh an-diugh chunnaic mi gu bheil na gealagan-làir fo bhlàth.

2006/01/15

Àitichean inntinneach ann am Berlin: Grunewaldturm



Seo agaibh dealbh dhen Grunewaldturm a thog mi san t-Samhain an-uiridh. Chaidh an tùr a thogail aig deireadh an 19mh linn (1897/98). Tha e 56m a dh'àirde agus tha e suidhichte air mullach an Karlsberg ann an Grunewald - coille gu math mòr ann am Berlin. Bha an tùr coisrigte gu Wilhelm I. .'S e ìmpire Gearmailteach a bh' ann am Wilhelm I. bho 1871 gu 1888. 'S e Kaiser-Wilhelm-Turm an t-ainm a bh' air an tùr gu 1948 nuair a bhathar a' toirt ainm ùr air: Grunewaldturm.
Posted by Picasa

2005/12/22

Àm nam Briosgaidean

Tha àm na Nollaige air tighinn, agus dhomhsa, 's e àm nam briosgaidean a th' ann. 'S toil leam bèicearachd, agus chan eil e gu math furasta briosgaidean sìmplidh, ach uabhasach blasta a dhèanamh. Dìreach feumaidh sibh:

300 g flùr
100 g siùcar
200 g ìm
ugh
bìdeag sallain

Cuiribh a h-uile rud ann am bobhla agus fuin gu mionaideach gus a bheil taois theann agaibh. Feumaidh sibh an taois a chur anns an fhrids airson uair (neo airson oidhche).
Deanaibh còmhnard i gu tiughad mu 3mm air bòrd le còta flùr air. An uair sin 's urrainn dhuibh cruthan a ghearradh às an taois (Tha gearradairean ann anns gach cruth - rionnagan neo cridhean neo craobhan na Nollaige neo... ).
Feumaibh sibh na briosgaidean a bhruich anns an àmhainn (mu 200°C / 390°F) airson 10-12 mionaidean. Sin e.
Ma tha sibh ag iarraidh, 's urrainn dhuibh seoclaid air na briosgaidean (nuair a tha iad fuar).

'S urrainn dhuibh an dòigh-bruich seo atharrachadh gu furasta: Dìreach cuiribh cnothan bleithte, bleideagan seoclaid, faoineag, neo rudan blasta eile anns an taois.

Nollaig chridheil dhuibh uile!

2005/11/01

Blog Gàidhlig ùr air nochdadh!

Lorg mi blog Gàidhlig ùr às na Stàitean an-diugh: Am Blog Gàidhlig aig Ceann-feachd. Tha saoghal nam blogaichean Gàidhlig a' fas gu luath!

2005/10/30

Berlin san Oidhche


Posted by Picasa
Bha tachartas sònraichte ann ann am Berlin o chionn goirid. B' e
"Fèis nan Solais" an tiotal a bh' air. Bha togalaichean ainmeil agus cudromach air an comhdaichte ann an solas dathach airson seachdain...

2005/10/14

Dimàirt, 27 Sultain: Glaschu – Hexham

An latha mu dheireadh agam ann am Breatann... Dh’fhàg sinn Alba agus chaidh sinn a Wall – baile beag faisg air Hexham – o chionns gun robh agam ri dol dhan phort-adhair sa mhadainn an ath latha. Ach mu do dh’fhàg sinn Glaschu chaidh sinn dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean a-rithist. Bha e fosgailte an latha sin, agus cheannaich mi ceithir leabhraichen. Fiù’s lorg mi leabhar mu dheidhinn Reul-Eòlais sa Ghàidhlig agus cha b’ urrainn dhomh ach an leabhar sin a cheannach...
Uill, chaidh sinn a Wall an dèidh sin, ach nuair a ràinig sinn bha duilgheadas againn an taigh ceart fhaighinn. Bha seòladh na croite againn – ach cha robh sin ro chuideachail: St Oswalds Farm, Wall, Hexham, UK – hmmm... Chunnaic sin duine a bha ag obair ann an garaids agus dh’ fhaighnich Martainn dheth càit a bheil an croit. Ach cha robh fios aige – thuirt e nach robh e às an sgìre sin... Ach ‘s dòcha gum biodh fios aig na daoine anns an taigh-seinnse... Chaidh sinn ann – agus bha fios aca gu dearbh! Bha sinn uabhasach toilichte nuair a ràinig sinn an taigh mu dheireadh thall. Chan eil e suidhichte ann an Wall, ach air cnoc faisg air a’ bhaile.
Chaidh sinn mun cuairt anns a’ chàr as dèidh dhuinn na rudan againn a chur anns an taigh. Bha sinn airson coiseachd ri taobh Hadrian’s Wall – ach cha do lorg sinn àite-pharcaidh saor ‘s an asgaidh. Bha a’ ghrian a’ dol fodha co-dhiù...
Mar sin chaidh sinn a Hexham airson diathad a ghabhail. Chaidh sinn seachad air àiteachan air an robh ainmean gu math èibhinn - ainmean mar “Once Brewed”... Carson “Once Brewed”??? Hmmm, chunnaic sinn taigh-seinnse ri taobh a’ bhaile agus ‘s e “The Twice Brewed Inn” an t-ainm a th’air co-dhiù...

Chaidh sinn dhan phort-adhair as dèidh a’ bhracaiste an ath mhadainn. Bha sinn ann gu math trath – ach bha agam ris an càr a thoirt air ais. Dh’fhalbh am plèana aig coig mionaidean as dèidh uair, agus ràinig sinn Berlin mu còig uairean feasgar.

2005/10/11

Diluain, 26 Sultain: Glaschu

Bha an t-uisge ann nuair a dh’èirich sinn agus cha robh e air sgur nuair a bha sinn am bracaist air crìochnachadh. Ach cha robh sinn airson fuireach anns an taigh fad an latha. Bha mi fhìn ag iarraidh dol dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean airson leabhraichean a cheannach. Mar sin chaidh sinn do mheadhan a’ bhaile agus ghabh sinn trèan fo thalamh gu Kelvin Hall. Ach cha robh am bùth fosgailte – b’ e “Bank Holiday” a bh’ ann an latha sin!
Chaidh sinn a Ghovan air an trèan as dèidh sin. Bha sinn airson an Sciene Centre a thadhail. Uill, bha sinn airson an làr-ìosal a thadhail. Bha cuimhe agam gun robh an làr sin saor ‘s an asgaidh, ged an robh cuid deuchainnean inntinneach agus spòrsail ann. Ach tha rudan air atharrachadh. Faodar an làr-ìosal a thadail saor ‘s an asgaidh fhathast (tha seòrsa biadhlann ann), ach tha na deuchainnean air falbh... Bha sinn rud beag mi-thoilichte.
Uill, bha sinn airson gailearaidh na ealaine nuadh a thadhail an àite sin. Ach thòisich uisge trom, agus sinn a’ coiseach do mheadhan a’ bhaile. Bha sinn bog fliuch nuair a ràinig sinn an gailearaidh... agus cho-dhùin sinn nach biodh sinn ga thadhail idir. Chaidh sinn dhachaigh agus ghabh sinn cupa tì. Bha an tì gle theth agus uabhasach blasda...

Didòmhnaich, 25 Sultain: Glaschu (Loch Laomainn, Sruighlea)

Bha sinn airson Beinn Laomainn a shreap, ach cha robh an t-sìde math gu leòr. Bha frasan ann sa mhadainn agus cha robh e coltach gum biodh i fada nas fheàrr. Chaidh sinn gu Loch Laomainn co-dhiù airson beagan coiseachd anns a’ choille faisg air Balmaha.
Nuair a dh’fhàs an t-sìde nas miosa chaidh sinn a Shruighlea agus choisich sinn mun cuairt a’ bhaile fad an fheasgar. Bha an t-sìde nas fheàrr an sin – bha i grianach agus blàth. Choisich sinn suas chun a’ chaisteil taobh na h-Eaglaise Holy Rude agus a’ chladha air a cùlaibh. Cha do thadhail sinn an caisteal fhèin, ach bha feasgar uabhasach math againn ann an Sruighlea co-dhiù.