2005/08/25

Leisg...


Posted by Picasa
Cò an cat as leisge anns an t-saoghal? Garfield? Chan e! 'S e Odin an t-ainm a th' air agus tha e a' fuireach aig taigh mo phàrantan. Bidh e na chadal gu bhith fad an latha, agus nuair a tha e na dhùisg, bidh e ag ithe. Uill, bidh e a' cluich còmhla ri Simba (an cat as òige aig mo phàrantan) uaireannan. Ach 's àbhaist dha a bhith dìreach ro leisg - 's fhearr leis lorg duine a bhios ga shlìobadh. Abair beatha!
Tha mi dìreach farmadach bho àm gu àm. Tha mi glè thrang aig an oilthigh a-nis oir tha mi airson a bhith deiseil an ath bhliadhna san Ogmhìos...

2005/08/17

A' Chiad Dhealbh!

Tha mi airson dealbhan a chur ann an seo. Seo a' chiad dheuchainn...

Mar a sgrìobh mi roimhe dh'fhuirich mi aig taigh mo phàrantan airson cuid làithean o chionn goirid. 'S toil leam cèilidh air mo phàrantan gu mòr bho àm gu àm. Tha Gifhorn fada nas lugha na Berlin - agus chan eil e cho fuaimneach. Tha mo phàrantan a' fuireach aig iomall a' bhaile, agus tha coille agus blàr-fraoich faisg air an taigh aca. 'S toil leam a bhith a' coiseachadh an-sin. Tha craobhan inntinneach a' fàs air iomall an fhraoich. Sin giuthas gu math neònach...

2005/08/10

Càit A Bheil An Samhradh?

Tha am mìosachan agam ag ràdh gur e meadhan an Lunasdal a th' ann. Ach chan eil mi ga chreidsinn. Carson a tha i cho fuar agus fliuch? Nach bu chòir dhi a bhith grianach agus blàth? A bheil am foghar air tighinn mar-thà?

2005/08/08

Seachdain Socair

Tha mi air ais bho shaor-làithean ann an Lower Saxony. Bha seachdain sgoinneil againn, ged nach robh an t-sìde cho math. Chaidh sinn cuairt air an rothair gu tric, agus bha sinn bog fliuch nuair a thill sinn dhachaigh a'chiad latha... Uill, bha sinn gu math fortanach an dèidh sin. Cha robh i glè bhlàth ('s lugha orm an teas co-dhiù), ach bha i tioram gu bhith fad na h-ùine.